


bàrdachd, ciùil agus fiosrachaidh mar chunntas àraid de chultar agus cànan na h-Alba. Mar thoradh, bidh na clàran rim faighinn gu furasta airson feumalachdan foghlaim agus pearsanta.
Aig deireadh a’ chiad ìre den phròiseact, bidh iomadh mìle uair a thìde de chlàran-fuaim ri fhaotainn air-loidhne.
Bithear a’ cleachdadh chlàran-fuaim bho thrì cruinneachaidhean, aig a bheil cliù air feadh an t-saoghail:-
Tha farsaingeachd mhòr sna cruinneachaidhean seo, nam measg:-
Gheibhear cothrom èisteachd ri daoine a chaidh a chlàradh bho thùs obair-chlàraidh chun an latha an-diugh.
Pròiseact Thiriodh
Brùth an seo airson làrach-lìn fhaicinn a chaidh a dhèanamh mar phìleat, stèidhichte air clàran à Tiriodh. Chaidh 30 uair a thìde de stuth Thiriodh bho BhBC Alba agus Sgoil Eòlais na h-Alba a chur gu cruth didseatach, agus an uair sin a chatalogadh le muinntir Thiriodh. Bheir seo sealladh air an t-seòrsa stuth bhios ri fhaighinn air làrach-lìn Tobar an Dualchais.